10/09: Diluain, 10mh an t-Sultain
Anns an leabhar “America’s Braemar” le mo chairdean Dòmhnall MacDhòmhnaill, fhuair mi iomradh a’ chuimhneachain iomchaidh don na Fuadaichean: anns na goireasan fir ann an taigh-seinnse ann an Glaschu, an Lìos Mòr, tha na h-ainmeannan An Darna Morair MacDhòmhnaill, Col. Gordon of Cluny, Patrick Sellar, Bean Gordon-Cathcart, mar eiseimpleir, a-stigh anns na poitean-mhùin. Sin freagarrach, nach eil?
Annag
Annag
31/08: Cait' a' bheil seo?
18/08: Diaciadain 29mh Lunasdal
Chaidh mi dhan Colaiste Ghàidhlig aig Naomh Anna an seachdainn seo chaidh agus bha e math mar as àbhaist. Bha poile de thachartasan a’dol air adhart ‘san t-saoghal Gàidhlig an Ceap Breatain an seachdainn seo chaidh leis Fèis an Eilean agus an seachdainn tumaidh aig a’ cholaiste. Rinn sinn deasbad air na riaghailtean airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh: Anns a cheud dol a mach, cuir romhad ma tha e nad chomas, deagh fhear-teagaisg a bhi agad – saoraidh e moran ùine dhut le bhi glanadh air falbh moran imcheistean a bheireadh bhuat do mhisneach, gad chumail o droch mhodh labhairt ionnsachadh a dh’fheumas a bhi air a dhi-chuimhneachadh leat air a cheann mu dheireadh. Tuilleadh a-rithist…
Annag
Annag
Fàilte do'n blog ùr Gàidhlig! Agus mòran taing do Iain 's Alasdair airson a shuidheachadh.
14mh Lunasdal, 2007
Shiubhail mi gu Ceap Breatainn an seachdainn 'sa chaidh far am bi mi tri mìosan. Cumaidh mi air adhart air na claran òrain Cheap Breatainn ann. Air an rathad, dh'fhuirich mise agus Iain (an duine agam) ann an Halafacs tri laithean ag obair anns na Tasglann Poblaiche Albainn Nuaidh. Ma bhios sibh ann an Ceap Breatainn, tha mi'n dòchas gum bi sibh a' tadhal oirnn.
Beannachdan,